Jump to content

Conakry

O Uicipeid
Conakry
Suidheachadh
Dùthaich Gini
Ceàrn Conakry fhèin
Co-chomharran 09° 30 33' Tuath
13° 42 44' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 100 km²
Àireamh-shluaigh 1,871,195 (2005)
Dlùths 18,711.95/km²

'S e prìomh-bhaile Ghini a tha ann an Conakry neo Konakry (Cànan Maninka: Kɔnakiri). Tha e suidhichte air an Eilean Tombo anns a’ Chuan Siar. Ach tha e a’ gabhail a-steach an Kaloum Peninsula a-nis cuideachd, o chionn 's gun do dh’fhas am baile nas motha. Mar sin chan urrainnear a ràdh le cinnt cia mheud daoine a’ tha a’ fuireach an seo. Tha an U.S. Bureau of African Affairs ag ràdh gu bheil mu dhà mhillean duine ann. [1] 'S e am baile as motha den dùthaich a tha ann cuideachd. 'S e seo an co-chomharran aige: 9° 30’ 33” Tuath agus 13° 42’ 44” Iar. Tha Conakry 538km air falbh bho Bhanjul (A' Ghaimbia), 714km bho Bhamako (Màili), 990km bho Nouakchott (Moratainia agus 705km bho Dhakar (Seanagal).[2] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 336m os cionn ìre na mara.[3]

Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1887. Bho 1904 bha e na phrìomh-bhaile French Guinea. 'S e teas meadhan malairteach a tha ann. 'S e am port as motha den dùthaich a tha ann an Conakry, tha iad a’ cuir alman agus bananas gu thìr eile.[4]

Tha còig ceàrnan anns a' bhaile an-diugh:

  • Kaloum, meadhan a’ bhaile
  • Dixinn, a’ gabhail a-steach an Oilthigh Chonakry agus mòran ambasaidean
  • Ratoma, cliùiteach airson dòigh-bheatha san oidhche
  • Matam
  • Matoto, far a bheil am port-adhair Gbessia Airport.

Àitichean inntinneach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Guinea National Museum, Taigh tasgaidh nàiseanta
  • Guinea Palais du Peuple (Luchairt na daoine)
  • Conakry Grand Mosque, Mosg a chaidh a thogail le Sekou Toure
  • Iles de Los, eilean faisg air a’ bhaile

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ "Background Note: Guinea". Bureau of African Affairs, U.S. Department of State, January 2007. Accessed February 24, 2007.
  2. ↑ Distance Calculator
  3. ↑ Mongabay
  4. ↑ Thomas O'Toole, Janice E. Baker. Historical Dictionary Of Guinea. Scarecrow Press (2005). ISBN 0-8108-4634-9
  5. ↑ Sister Cities International
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: